Tràilleachd

‘S e siostam eaconomach a th’ann an Tràilleachd (Bho Seann-Lochlannais: þræll),[1] far am bithear ag ùisinneachadh nan daoine mar rudan neo seilbh, an àite mar dhaoine le còirichean.[2] Ann an iomadh àite, bha tràilleachd stèidhichte ann an lagh.[3] Ann an dòigh as simplidh bunaitiche ri ràdh, 's e duine sam bith a bhios ag obair airson duine eile às aonais chòirichean neo tuarastal a th' ann an tràill. Ghairmeadh ann an Coinbheinsean mu Thràilleachd a chuir Comhairle nan Nàisean an gnìomh air 25 an t-Sultain 1926 nach ann tràilleachd ach:

Malairt thràillean

"... stàit neo suidheachadh anns a bheil neach fa leth fo sheilbh duine eile ... mar sin thathar dhen bheachd gur e tràill a th’ann neach fa leth nach fhaod a mhaighstir, a neach-seilbhe neo a cheannard fhàgail, ... gun chead agus thèid an tràill a thoirt air ais ma chailleas neo ma theicheas e. Feumaidh ga chumail ann an dòigh neo-fhoirmeil, tro chòrdaidhean oifigeil neo tostach leis a’ Phoileis neo ùghdarrasan eile – airson nam maighstirean cumhachdail, air sàilleabh gur e daoine beairteach aig a bheil oighreachdan a th’ annta."

Tha iomadh teacsa laghail eadar-nàiseanta air mìneachadh a thoirt dhan fhacal tràilleachd. Thuirteadh anns a' chiad artaigeil Coinbheinsean mu Thràilleachd Chomhairle nan Nàisean (1927), gur e stàit neo suidheachadh far am bithear a' làimhseachadh neo a’ dèiligeadh ris na daoine mar sheilbh a th’ ann tràilleachd".[4] Ann an 1930 ghabh Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach (BENO) ri mìneachadh mu obair-èiginn a ghairm gur e coltach ri tràilleachd: "Tha an teirm obair-èiginn, neo obair mar dhleastanas, a’ gabhail a-steach a h-uile obair neo seirbheis a nì neach fa leth fo dhaorsa cuideigin agus obair nach do thairg an neach gu saor-thoileach". A thuilleadh air sin, tha BENO dhen bheachd gur e seòrsa thràilleachd a th' ann clann ag obair.[5] Bithear daonnan a’ cleachdadh an fhacail tràilleachd mar argamaid phoileataigeach neo ideòlach: tràilleachd thuarastail an aghaidh Chalpachas, tràilleachd fhiosgail nam libearalach,[6] smuaintean nan sìochantair agus nam libearalach a nì coimeas eadar seirbheis san arm agus tràilleachd, a bharrachd air tràilleachd nam beathaichean.[7]

Eachdraidh

Fad eachdraidh nan daoine agus fiù ‘s anns an àm ro eachdraidheil, ghabhadh mòran cho-chomainn ri tràilleachd ann am foirm air choireigin. Mhair tràilleachd oifigeil gu ruige 2007, nuair a chuir Moratainia caisg laghail oirre, an dùthaich mu dheireadh san t-saoghal, ged a chaidh tràilleachd a chur às an lagh ann an 1981. Tha an Global Slavery Index ag innse gun robh 90,000 daoine ann an tràilleachd nuadh ann am Moratainia ann an 2018.[8]

Tràilleachd Àrsaidh

B’ e tràilleachd ann an teis-mheadhan an eaconamaidh anns na làithean ro Chrìosta.[9] Chleachdadh daoine air an glacadh ann an cogadh mar tràillean agus an cuid cloinne.[10] B’ e cleachdadh sòisealta gu math àbhaisteach fad an t-siubhail gu ruige nam meadhan aoisean san Roinn Eòrpa gus an do nochd siostam eile, ged a lean tràilleachd air thall thairis. B' ann gu math cudromach a bha tràilleachd o chionn 's nach robh còirichean daonna ann agus bha e gu math furasta a' toirt air na daoine a h-uile obair shuarach chruaidh a dhèanamh.

Tràilleachd thar a’ Chuain Shiar

Thàinig tràilleachd gu Ameireaga anns an 16mh Linn. Chaochail 90% nan Tùsanach ann an Ameireaga le galaran às an t-seann shaoghal anns na 100 bliadhna a lean teachd nan Spàinnteach ann 1492.[11] Le sin, thòisicheadh daoine a thoirt à Afraga nan tràillean dha na colonaidhean ùra air taobh thall a’ Chuain Shiar, fada air falbh bhon Roinn Eòrpa. Aig an toiseach tòisichidh bhite a' cleachdadh luchd-obrach bannaichte às an Roinn Eòrpa, mòran Ghàidheil nam measg. Ach bha feum aig na h-uachdarain air luchd-obrach mòran na bu shaoire na seo agus 's e an adhbhar a ghabh iad ri tràillean a cheannachd ann an Afraga.[12] A bharrachd air sin, bha gràin-chinnidh an lùib. Seo na h-àireamhan de dhaoine a chaidh a thràilleachadh a rèir gach dùthaich a bha an lùib sa ghnothaich mar a leanas:

B’ e Poll a' Ghrùthain, Glaschu[13] agus Lunnainn na bailtean a bha gu làidir an sàs anns a’ mhalairt triantanach: stuth às nan taighean-gnìomhachais ga reic ann an Afraga, tràillean nan reic ann an Aimearaga, siùcar, tombaca agus gran-bhàrr na talmhainn eile ga reic anns an Roinn Eòrpa.[14]

Chaidh còrr is millean acaire air a' Ghàidhealtachd a cheannachadh le bheartais a thàinig bho thràilleachd.[15] Tha Ceit Fhoirbeis dhen bheachd gum bu chòir taigh-tasgaidh na tràilleachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.[16]

9mh Linn

  • Ann an 873, sgrìobh Pàpa Iain VIII an Litir Abstolach Unum est a dhearbhaich gu robh còirichean agus saorsa aig tràillean.

13mh Linn

  • Ann an 1222, chuir Sundjata Keïta às do thràilleachd nuair a chruthaich e Impireachd Mhali. Ach co-dhiù cha do chuireadh an gnìomh an lagh agus aig an ceann thall b' e Tiombuctu na mhargaidh thràillean mhòr fad iomadh bliadhna.

14mh Linn

  • 3 an t-Iuchar 1315 : Èigheachd Rìoghail an Rìgh Louis X na Frainge a dhearbhaich a rèir còirichean nàdarra, feumar gach uile duine air breith saor. Bhon an latha sin agus gu h-oifigeil, saoraichidh fearann na Frainge an tràill a chuireas a chas oirre[17].

15mh Linn

  • 1435: Dhìt Pàpa Eòghann IV tràilleachd agus dh' ascaointich e luchd-reic nan tràill anns an Litir Abstolach Sicut Dudum.[19]

16mh Linn

18mh Linn

  • 1772: Cùis-lagha James Somersett: chaidh a dhearbhadh nach robh tràilleachd idir laghail ann an lagh coitcheann Shasainn agus na Cuimrigh.
  • 1792: Sgrìobh An Danmhairg lagh a chuireadh às do mhalairt nan daoine dubha an ceann 10 bliadhna.[21]
  • 1793: 23 an Lùnastal, chuir coimiseanair na Poblachd Sonthonax às do thràilleachd sa cholonaidh Fhrangach Saint-Domingue, neo Haiti an lath an-diugh.
  • 1794: 16 pluviôse, bliadhna II (4 an Gearran 1794), leasaich na thachair ann an Sonthonax dhan a h-uile colonaidh na Frainge.

19mh Linn

20mh Linn

  • 1907: Cur às do Thràilleachd eadar-afraganach leis na Breatannaich ann an Kenya.
  • 1909: Cur às do Thràilleachd anns An t-Sìona.[29] A dh'aindeoin sin, thathar dhen bheachd gu robh mu 4 muillean duine-cloinne a bha fhathast nan tràillean anns an t-Sìona ann an 1930.[30]
  • 1922: Cur às do Thràilleachd ann am Maroco leis na Frangaich.
  • 1923: Cur às do Thràilleachd ann an Afganastan.
  • 1924: Cur às do Thràilleachd ann an Ioràc.
  • 1925: Thuirt Albert Londres gu robhar a' reic thràillean anns an dìomhaireachd ann an Aràibia.
  • 1926: Cur às do Thràilleachd ann an Neapàl agus An Aetiòp. Chaidh Cunnradh Gheneva, a dhìt tràilleachd, a dhearbhadh le 44 dùthchannan.
  • 1929: Cur às do Thràilleachd ann an Iòrdan agus Ioràn.
  • 1937: Cur às do Thràilleachd ann am Bachrain.
  • 1948: Sgrìobhadh artaigil 4 Foirgheall Uile-choitcheann Còirichean nan Daoine, a chaidh a dhearbhadh ann an 1956.
  • 1949: Cur às do Thràilleachd ann an Cubhait.
  • 1952: Cur às do Thràilleachd ann an Catar. Tha an lagh mu dheidhinn parrainage fhathast ann, ged a chuir dùthchannan eile faisg air làimh às do pharrainage.[31]
  • 1957: Cunnradh mu às dhan obair-èiginn, Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach.
  • 1964: Cur às do Thràilleachd ann an Aràibia nan Sabhd.
  • 1970: Cur às do Thràilleachd ann an Oman.
  • 1980: Cur às do Thràilleachd ann am Moratainia. A dh'aindeoin sin, cha do chuireadh an sàs e air sàilleabh gu robhar a' creidsinn gum biodh an lagh seo an aghaidh Ioslaim, leis gu robh laghan anns a' Choran a dhèiligeadh ri tràilleachd. Tha fhathast mu 100,000 a tha nan tràillean san dùthaich gus an latha na-diugh.
  • 1992: Cur às oifigeil do Thràilleachd ann am Pacastan. A dh'aindeoin sin, bu chòir do bharraillean ionadail a ghabhail ris an lagh, rud nach do thachair mar-thà agus chan eil structar ann airson sin a dhèanamh nas motha.[32]

21mh Linn

  • 2001: An Fhraing, lagh a làimhsicheas tràilleachd mar eucoir an aghaidh na daonnachd.
  • 2004: Bliadhna comharrachaidh agus sabaid an aghaidh thràilleachd nan Nàisean Aonaichte.
  • 2005: 2 an Dùbhlachd, Latha eadar-nàiseanta an aghaidh Thràilleachd.

Tràilleachd an Là an-diugh

Chan eil tràilleachd laghail idir ann an dùthaich sam bith an latha an-diugh. A dh’aindeoin sin, thathar dhen bheachd gu bheil còrr is fichead muillean duine fhathast nan tràillean ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil air feadh an t-saoghail.[33]

Ann an Leabhraichean

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean