Selim I

B' e naoidheamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Selim I (far-ainm: Yavuz - 'gruamach'/'ceannara' - Amasya 10 an Dàmhair 1470 - Çorlu 22 an t-Sultain 1520).[1] B' e mac a b' òige Bayezid II agus Gülbahar Sultan a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1512 gus a chaochail e ann an 1520. Dh' fhàs an Impireachd mu 70% fo Shelim. Ghabh e a-steach mòr-chuid saoghal nam Muslamach, a' sìneadh fad 1,494,000 km2 nuair a bha Selim I aig uchd a' bhàis. Chuir e Siria, Iòrdain, An Èipheit, Palastain, Leabanon, Hejaz agus Tihamah ri na bha dhe cholonaidhean aig Impireachd nan Otomanach mar-thà agus chuir e às do Shultanachd nam Maimealucach.[2] Le Mecca am broinn na h-Impireachd, b' e na Otomanaich a bha nan ceannardan saoghal nam Muslamach agus chaidh Selim I ainmeachadh na Chalaif.[3]

Selim I
sultan Impireachd nan Otomanach

5 dhen Chèitean 1512 - 22 dhen t-Sultain 1520
Bayezid II - Suleiman Greadhnach
Caliph (en) Translate

1517 - 22 dhen t-Sultain 1520
Al-Mutawakkil III (en) Translate - Suleiman Greadhnach
Beatha
BreithAmasya, 10 dhen Dàmhair 1470
DùthaichImpireachd nan Otomanach
Ciad chànanOttoman Turkish (en) Translate
BàsÇorlu, 22 dhen t-Sultain 1520
Àite-adhlacaidhYavuz Selim Mosque (en) Translate
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (anthrax (en) Translate)
Teaghlach
AthairBayezid II
MàthairAyşe Gülbahar Hatun
CèileAyşe Hatun (en) Translate
Ayşe Hafsa Sultan (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
FineRìgh-shliochd nan Otomanach
Foghlam
CànainOttoman Turkish (en) Translate
Arabais
Peirsis
Medieval Greek (en) Translate
Tatar (en) Translate
Dreuchd
Dreuchdbàrd
Creideamh
CreideamhIoslam

Iomraidhean