Seann-Chaidreachas

caidreachas a chaidh a chruthachadh eadar rìoghachdan na Frainge agus na h-Alba an aghaidh rìoghachd na Sasainn

'S e caidreachas a chaidh a chruthachadh eadar rìoghachdan na Frainge agus na h-Alba an aghaidh rìoghachd na Sasainn a tha anns an t-Seann-Chaidreachas (Fraingis: Vieille Alliance; Beurla Ghallda: Auld Alliance no Ald Allyance). Chomharraich an caidreachas agus na leudachaidhean aige dàimhean eadar Alba agus an Fraing bho 1295 gu ruige an latha an-diugh.

Colaiste na h-Alba, ann am Paris ann an 1573. Bha nàiseantachd dùbailte Frangach agus Albannach aig Albannaich a bha a' fuireach anns an Fhraing mar thoradh air an t-Seann-Chaidreachas.

Tha an caidreachas a' faighinn a thùs ann an 1165, nuair a chuir Uilleam Garbh ambasaid gu Louis VII na Fhrainge (Louis VII le Jeune), ach is e a’ chiad chlàr sgrìobhte an cùmhnant a chaidh a shoidhnigeadh ann am Paris air 23mh Dàmhair 1295 eadar riochdairean Jean Baliol agus Philippe IV na Fhrainge (Philippe le Bel)[1]. Chaidh a dhaingneachadh air 23mh Gearran 1296 le Pàrlamaid na h-Alba. Tha an caidreachas ag ràdh nan toireadh Sasainn ionnsaigh air aon de na pàirtean, gun toireadh an tè eile ionnsaigh air Sasainn.[2]


Ceanglaichean a-muigh

Tùsan