Samfylkingin

Samfylkingin
Fiosrachadh
Stèidheachadh5 an Cèitean 2000
Luchd-stèidheachaidh Jóhanna Sigurðardóttir
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-smuainealas EachdraidheilDeamocrasaidh sòisealta
Beachd-Smuainealas An-Dràsda co-ionnanachd, sòisealachd, saorsa
OifiseanHallveigarstígur 1, 101 Reykjavík
CathraicheLogi Már Einarsson
Suidheachain7/63
RiaghaltasLuchd-dùbhlain

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs deamocratach sòisealta a th' ann an Samfylkingin(Gàidhlig: Caidreachas, ainm slàn: Samfylkingin jafnaðarmannaflokkur Íslands). Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 2000 mar aonachadh de cheithir pàrtaidhean beaga na làimhe chlì - (Alþýðuflokkurinn, Alþýðubandalagið, Kvennalistinn, agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins) - gus Sjálfstæðisflokkurinn - a tha air an làimh dheis - a chur às a chumhachd.[1] Tha am pàrtaidh suidhichte air taobh chlì agus is e na trì rudan bunaiteach a tha co-ionnanachd, sòisealachd agus saorsa boireannaich. Tha an Caidreachas Deamocratach air trì riaghaltasan a chruthachadh agus air dhà dhiubh a stiùireadh. A bharrachd air an sin, tha trì àrd-bhàillidh Reykjavík air tighinn bho rangannan a' Chaidreachais Dheamocratach Shòisealta, agus am pàrtaidh an dàrna fear as motha ann an comhairle a' bhaile. Bho 31 an Dàmhair 2016 tha Logi Már Einarsson, a bha na iar-chathraiche roimhe, os a chionn. Ghabh e thairis an dèidh do Oddný G. Harardardóttir a dhreuchd a leigeil dheth às deidh foillseachadh eachdraidheil a ’phàrtaidh anns na taghaidhean pàrlamaid air 29 an Dàmhair 2016. Tha seachdnar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), triùir boireannaich agus ceathrar fireannaich.[2] 'S e an treas fòrsa poileataigeach na dùthcha 's a th' ann an Samfylkingin. 'S ann gu Samfylkingin a bhuinneas i Jóhanna Sigurðardóttir, a' chiad tè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh.

Taghaidhean dhan Alþingi

B' ann ann an 2003 agus 2009 a bha Samfylkingin na bu shoirbheachaile.[3]

BliadhnaBhòtaichean%Seataichean
199944.37826,817
200356.70031,020
200748.74226,818
200955,75829,820
201324,29412,99
201610.8935,73
201723.65212,17

Prìomh-mhinistearan

Tha dìreach aon Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:

Cathraichean

AinmBliadhnaichean
Margrét Frímannsdóttir2000–2003
Ingibjörg Sólrún Gísladóttir2003–2005
Ágúst Ólafur Ágústsson2005–2009
Dagur B. Eggertsson2009–2013
Katrín Júlíusdóttir2013–2016
Logi Már Einarsson2016–2017
Heiða Björg Hilmisdóttir2017-

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: