Rijeka

Rijeka
Bratach a' bhaile

Suidheachadh
Dùthaich Poblachd na Cròthaise
CeàrnPrimorsko-goranska županija
Co-chomharran45° 19' 47' Tuath
14° 25' 56' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd44 km²
Àireamh-shluaigh128,624 (2011)
Dlùths2,923.27/km²
Àireamh fòn+385 (0)51
Duilleag oifigeilA' Chomhairle

‘S e baile meadhanach agus port air an àirde an iar Poblachd na Cròthaise a th’ ann an Rijeka (IPA: ˈrijɛːka, Eadailtis/Ungairis: Fiume, Laideann: Tarsatica, Gearmailtis: St. Veit am Flaum). 'S e an ceathramh baile as motha na dùthcha a th' ann.[1] Tha e suidhichte dìreach aig ìre na mara, ri taobh na na h-Aidriadach agus na h-Aibhne Rječina. Tha am baile 356km air falbh bho Vukovar, 132km bho Zagreb, 258km bho Split, 149km bho Zadar agus 332km bho Osijek.[2] Tha 128,624 duine a' fuireach ann.[3]

Eachdraidh

Chaidh Rijeka a chlàradh airson a' chiad turais ann an 180 RC.[4] Bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire bho 1797 gu ruige 1918.[5] An dèidh A' Chogaidh Mhòir thug An Eadailt thairis air ach chaidh a thoirt gu Iùgoslaibhia ann an 1947 gu ruige neo-eisimeileachd na dùthcha ann an 1992.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach