Rìoghachd Shagsainn

B’ e dùthaich neo-eisimeileach anns a’ Ghearmailt a bh’ anns an Rìoghachd Shagsainn (Gearmailtis: Königreich Sachsen), a mhair bho 1806 gu ruige 1910, an dèidh do Napoleon Bonaparte a chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[1] Bha Sagsainn na bhall Co-chaidreachas na Rèine.[2] Mhair an stàit seo mar sgìre fad Ìmpireachd na Gearmailte (1871 – 1918). B’ e Dresden a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Fhuair Rìoghachd Shagsainn Bun-reachd ann an 1831.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Sagsainn agus leig an Righ Friedrich Augustus III dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5]

Rìoghachd Shagsainn
Königreich Sachsen
 18061918 
Bratach na dùthchaGearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-BhaileDresden
Càna(i)n OifigeilGearmailtis
Farsaingeachd14,993 km2
Àireamh-shluaigh4,806,661 (1910)
Dlùths320.59/km2

Iomraidhean