Prionnsalachd Schaumburg-Lippe

B’ e meanbh-dhùthaich anns a’ Ghearmailt a mhair bho 1807 gu 1918 a bh’ anns A' Phrionnsalachd Schaumburg-Lippe (Gearmailtis: Fürstentum Schaumburg-Lippe).[1] Chaidh a' Phrionnsalachd a chruthachadh ann an 1807 nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Dh' àrdachadh Iarla Schaumburg-Lippe, a bhuineadh dhan teaghlach uasal Lippe,[2] gu Prionnsa an dèidh Chath Austerlitz agus bha a chuid talmhainn àrdachadh gu prionnsalachd.[3] Bha Schaumburg-Lippe na ball Co-chaidreachas na Rèine fad an t-siubhail agus bhathar dhen bheachd gum b' e dìreach stàit-pupaid fo bhuaidh na Frainge a bh' ann cuideachd.[4] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Schaumburg-Lippe agus leig am Prionnsa Adolf II dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[5] B' e Bückeburg a bh' ann prìomh-bhaile na dùthcha.

Prionnsalachd Schaumburg-Lippe
Fürstentum Schaumburg-Lippe
 18071918 
Bratach na dùthchaGearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1807
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-BhaileBückeburg
Càna(i)n OifigeilGearmailtis
Farsaingeachd340 km2
Àireamh-shluaigh44,992 (1905)
Dlùths132.33/km2

Ceannard na Stàite

Iomraidhean