Mothtan

Tha mothtain (cuideachd: cailleach-stùir, clòimh-shìth) 'nan dosain bheaga de dhuslach a nochdas fo àirneis no ann an oisein nach eil 'gan glanadh gu cunbhalach. 'S e falt, lìon, craiceann marbh, lìontan dhamhan-allaidh agus duslach a bhios annta mar is trice, uaireannan le sgudal aotram 'nam measg agus tha iad 'gan cumail ri chèile le cumhachd dealain stadaigich agus greimeachadh ri chèile air nòs peileige. Chan eil feum ach air aon stùr a' gluasad ri linn oiteige shàmhach rèidh mar thoiseach tòiseachaidh air mothtan.[1]

Mothtain

Buaidh

Mial-duslaich

Gheibhear mialan-duslaich agus faoighichean eile ann agus tha buaidh aca air criathragan duslaich.[2]

Tha droch bhuaidh aca cuideachd air innealan dealain a chionn 's gun cuir iad bacadh air sruthadh an adhair agus a' teasachadh nan innealan leis a sin.[3]

Ann an saidheans

Chaidh gintinn nam mothtain a chleachdadh mar mhac-shamhladh air cruinneachadh stuthan fànais ann am planetoidean.[4][5]

Cànain eile

Tha iomadh ainm air an nì seo ann an diofar cànain:

  • Bavarianais: Staubhexn (bana-bhuidseach duslaich)
  • Beurla: Dust bunny (coineanach duslaich)
  • Eadailtis: Gatti di polvere (cait fùdair) no batuffoli di polvere (buill duslaich)
  • Fionnlannais: Villakoira no pölykoira (cù clòimh)
  • Gaeilge: Cailleach deannaigh (cailleach duslaich)
  • Gearmailtis: Staubmaus (luchag duslaich), Wollmaus (luchag clòimh), Lurch (san Ostair; muir-thìreach)
  • Nirribhis: Hybelkanin (coineanach dachaigh)
  • Seapanais: ほこりの塊 (hokori no katamari) (bòcan duslaich)
  • Suainis: Dammråtta (radan duslaich)
  • Ungairis: Porcica no Pormacska (piseag duslaich)

Tùsan