Mikoshi
Is e mikoshi (神輿) seòrsa carbaid dhiadhaidh sa chreideamh Siontò, no taisealan, a tha a' giùlan spiorad dhè agus th' air aiseag a-null bho phrìomh naomh chobhan a' pharaiste gu naomh chobhan sealadach rè matsuri (fèille) san Iapan, air neo, nuair a bhithear a' gluasad gu naomh chobhan ùr.[1] Tha gu tric coltas togalaich air mikoshi le colbhan, ballachan, mullach, for-uinneag is rèile.
![](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/1/13/Hiyoshi-taisha_juge-jinja-haiden02n4592.jpg/220px-Hiyoshi-taisha_juge-jinja-haiden02n4592.jpg)
Ullachadh
- Bidh na manaich a' cur taisean an naoimh chobhain, corp-ghabhail an kami, a-steach don Mikoshi. Caithidh iad bratan-gnùise agus miotagan gus nach salaich iad an kami.
- Bidh am prìomh mhanach a' gabhail orthannan coisrigte agus ag iarraidh air an kami ion-cholainneadh a dhèanamh anns an taisealan (am mikoshi).
- Mu dheireadh, seulaichidh iad am mikoshi agus thèid a ghiùlan an uair sin tron cheàrn-bhaile air fad airson beannachadh a' dhè a tharraing thuige.
Iomraidhean
🔥 Top keywords: Prìomh-DhuilleagCarles Puigdemont i CasamajóAn Dàrna CogadhCobhair:SusbaintRuith-airgidSònraichte:RecentChangesUicipeid:Doras na coimhearsnachdSònraichte:SearchUicipeid:General disclaimerUicipeid15 an LùnastalUicipeid:Talla a' BhaileDamhan-allaidhAlbaUicipeid:Ro-ràdh1200Làrach-lìnÀisiaSluagh-phoblachd na Sìne967Georg Wittig640Poblachd na Sìne800CSSAn t-SuainAn FhraingCirgiostànThomas JeffersonUicipeid:Cùisean an lathaVendéeRèidioDeasbaireachd a' chleachdaiche:SionnachAstràiliaCabhlachFaidhle:Basic Editing - presentation.pdfAn Rìoghachd AonaichteA' GhearmailtLeonhard Euler