Meatair

'S e aonad mheudachaidh airson fad a th'ann am meatair (Greugais: μέτρον, a tha a' ciallachadh meud). 'S e an t-astar a thèid an t-solas ann an 1⁄299.792.458 ann an diog. 'S e aonan dhen seachd aonadan bunaiteach Siostam Eadar-nàiseanta (SI) nam Meud a th' ann am meatair cuideachd.[1] Chaidh am meatair a chruthachadh le coimisean eadar-nàiseanta ann an 1791, an dèidh Ar-a-mach na Frainge, air a stèidheachadh air meudachadh comharran na meadhan-loidhne. Ann an 1960,[2] chaidh sin atharrachadh do 1.650.763,73 tonn-fhad san fhalamhachd, eadar ìre 2p10 agus 5d5 airsion ataman kripton 86. Chaidh sin atharrachadh a-rithist ann an 1983 do 1⁄299.792.458 ann an diog, agus 's e a thathar a' cleachdadh an latha na-diugh.[3]

Co-ionnanan ann an aonadan eile

Aonadan meatrach
ann an siostaman eile
Aonadan neo-SI
ann an aonadan meatrach
1 meatair1.0936slat1 slat0.9144meatair
1 meatair39.370òirleach1 òirleach0.0254meatair
1 ceudameatair0.39370òirleach1 òirleach2.54ceudameatair
1 milemeatair0.039370òirleach1 òirleach25.4ceudameatair
1 meatair1×10ångström1 ångström1×10−10meatair
1 nanomeatair10ångström1 ångström100picomeatair

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean