Malaig

Malaig

Suidheachadh
Malaig is located in Alba
Malaig
Malaig (Alba)
Dùthaich Alba
ComhairleComhairle na Gàidhealtachd
SiorrachdSiorrachd Inbhir Nis
ParraistGleann Eilg, Loch Abar
Co-chomharran57° 0′ 5″ Tuath
5° 49′ 45″ Iar
Comharradh-clèitheNM675965
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh660[1] (2020)

'S e baile iasgaich cudromach a th' ann am Malaig[2] (uaireannan agus Beurla: Mallaig) air taobh siar Mòrair, anns na Garbh Chrìochan. Ann an 2020 bha 660 duine a' fuireach an seo.[1]

Bho seo tha aiseagan a’ ruith a dh'Armadal anns an Eilean Sgitheanach, dha na h-Eileanan Muc, Eige, Rùm agus Canaigh, agus a dh'Inbhir Aoidh agus An Tairbeart ann an Cnòideart. Tha aiseag cuideachd a' dol a Bharraigh agus Uibhist a Deas. Tha stèisean-rèile ann am Malaig agus bidh trèanaichean à Glaschu air Rathad Iarainn nan Eilean[3] a' crìochnachadh an seo an dèidh do Mòrar.

A rèir cunntas sluaigh ann an 2011 bha comas bruidhinn na Gàidhlige aig 102 duine a-mach a 777 neach ann am Malaig aig aois 3 is nas sine. A bharrachd air sin fhuaireadh a-mach gun robh 60 dhiubh a' cleachdadh na Gàidhlige aig an taigh.[4]

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach