Johann von Lamont

B' e reul-eòlaiche à Alba a bha ann an Johann von Lamont no Iain MacIlleDhuibh.[1]

Johann von Lamont
Beatha
BreithBràigh Mhàrr, 13 dhen Dùbhlachd 1805
Dùthaich Alba
BàsBogenhausen (en) Translate, 6 dhen Lùnastal 1879
Àite-adhlacaidhBogenhausener Friedhof (en) Translate
Foghlam
Oileanaich dotaireachdPhilipp Carl (en) Translate
CànainGearmailtis
Dreuchd
Dreuchdfiosaigiche, reul-eòlaiche, einnseanair agus neach-teagaisg oilthigh
FastaicheanOilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
Duaisean a fhuaras
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan
Far-ainmeanJohann von Zach
Airson an neach-poileataigs a riochdaich na Crìochan ann am Pàrlamaid na h-Alba agus Westminster, faic John Lamont.

Rugadh e ann am Bràigh Mhàrr ach chaochail athair nuair nach robh Iain ach 12 bliadhna a dh'aois is dh'imrich e gu manachain ann an Regensburg anns a' Bhaidhearn. Chaidh e na chuidiche aig amharc-lann ann am Bogenhausen faisg air München ann an 1823 agus mhaireadh e an sin airson 51 bliadhna. Dh'ionnsaich e reul-eòlas aig Oilthigh Mhünchen agus sgrìobh e a thràchdas an sin. Chaidh e na stiùiriche na h-amharc-lainn ann an 1835 agus na ollamh reul-eòlais aig an Oilthigh ann an 1852. Rannsaich e iùl-tharraing na Thalmhainn agus dh'àireamhaich e reul-chuairtean gealaichean Ùranais is gealaich Satairn. Rinn e meas air tomad Ùranais cuideachd le coimheadachdan air a ghealaichean.[2]

Urraman

Nuair a chaidh e na ridire na Baidheirn, fhuair e "von" aig ainm.[1]Chaidh sloc air a' Ghealaich, ann am Muir a' Chiùineis, ainmicheadh air.[3]

Leabhraichean

  • Handbuch des Erdmagnetismus ('Leabhar-làimhe Iùl-tharraing na Talmhainn', 1849)
  • Astronomie und Erdmagnetismus ('Reul-eòlas agus Iùi-tharraing na Thalmhainn', 1851)
  • Handbuch des Magnetismus ('Leabhar-làimhe na h-Iùl-thàirnge', 1867)

Iomraidhean