Glaschu Ceilbhinn (Sgìre Phàrlamaid na h-Alba)

Is e tè den 73 sgìrean Pàrlamaid na h-Alba a bhios gach a' taghadh aon Bhall-Pàrlamaid na h-Alba le siostam àireamh bhòtaichean as motha a tha ann an Glaschu Ceilbhinn. Tha e na phàirt den roinn-Phàrlamaid na h-Alba Glaschu, tè den 8 roinnean-pàrlamaid na h-Alba a bhios gach a' taghadh seachd Bhall-Pàrlamaid na h-Alba le siostam riochdachadh co-roinneil.

Glaschu Ceilbhinn
DùthaichAlba
PàrlamaidTaigh an Ròid
BallKaukab Stewart BPA
PàrtaidhPàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Àireamh-bhòtaidh36,044
Mòr-chuid5,458
Chan e seo an aon rud ri Glaschu Ceilbhinn (sgìre Phàrlamaid Westminster).

Tha an sgìre na laighe gu tuath air Abhainn Chluaidh, a' còmhdaichte Partaig an taobh an iar, Ceilbhinn a Tuath an taobh a tuath, Townhead an taobh an ear agus na ceàrnan eatorra. Tha e a' còmhdaichte nan uàrdan Baile Aindrea/Am Baile agus Ceann a' Chnuic buileach agus phàirtean de na uàrdan Partaig an Iar agus An Canàl.

Tha teis-meadhan Ghlaschu anns an sgìre seo, còmhla ri Gailearaidh is Taigh-tasgaidh Kelvingrove, a' chathair-eaglais agus na trì oilthighean Ghlaschu, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Srath Chluaidh agus Oilthigh Chailleannach Ghlaschu. San fharsaingeachd 's e sgìre nas beartaiche anns a bhaile a tha innte. Aig àm a' chunntais-sluaigh ann an 2021 bha 94,051 daoine a' fuireach ann.[1]

Buill Phàrlamaid na h-Alba

TaghadhBallPartaidhMòr-chuidÀireamh-bhotaidh
2021[2]Kaukab StewartPàrtaidh Nàiseanta na h-Alba545836044
2016[3]Sandra NicIlleBhàinPàrtaidh Nàiseanta na h-Alba404828442
2011[4]Sandra NicIlleBhàinPàrtaidh Nàiseanta na h-Alba88224548
2007[5]Pauline NicNèillPàrtaidh Làbarach na h-Alba120723500
2003[6]Pauline NicNèillPàrtaidh Làbarach na h-Alba328922080
1999[7]Pauline NicNèillPàrtaidh Làbarach na h-Alba440828362

Ceanglaichean a-mach


Iomraidhean