Dolores Ibárruri

B’ e Isidora Dolores Ibárruri Gómez neo La Pasionaria, (Gallarta, 9 an Dùbhlachd 1895[1]Madrid, 12 an t-Samhain 1989),[2] ceannard Poblachdach, tè-phoileataigs agus Comunnach à Dùthaich nam BasgachCogadh Sìobhalta na Spàinne. ‘S mathaid gu bheil i cho cliùiteach gus ar làithean airson na rinn i airson Dàrna Poblachd na Spàinne a dhìon agus an t-sluagh-ghairm ainmeil aice ¡No Pasarán! ("Cha tèid iad seachad") ri linn Cath Mhadrid.[3] Ged an robh i na Chaitligeach rìoghaire (Spàinntis: Carlista) nuair a bha i òg,[4] dh’fhàs i a bhith na neach-dèanadais cathail is i airson ar-a-mach comannach, is fiù 's fhuair i ballrachd Pàrtaidh Comannach na Spàinne (Spàinntis: Partido Comunista Español) nuair a chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh ann an 1921. Fad na 30an sgrìobhadh i ann am Mundo Obrero[5] (Gàidhlig: Saoghal nan Luchd-obrach), pàipeir-naidheachd a’ phàrtaidh fhèin. Chaidh i a thaghadh mar bhall-pàrlamaid airson Asturias anns An Gearran 1936 ri linn an dàrna Poblachd.[6] B’ fheudar dhi an dùthaich fhàgail aig deireadh a’ chogaidh.[7] Dh’ainmicheadh Ibárruri Ceannard Comataidh Mòr a’ Phàirtidh, dreuchd a chumadh i bho 1942 gu ruige 1960.[8] A bharrachd air sin, bha i na ceann-suidhe onorach nan Comannach Spàinnteach fad a beatha cuideachd. Nuair a dh’fhaodadh i a thilleadh gus An Spàinn ann an 1977,[9] chaidh i a thaghadh a-rithist airson an aon sgìre. Thathar ag ràdh daonnan gur e tè dhe na h-òraidichean na b’ fheàrr na 20mh Linn a bh' innte. Thog na aonaidhean-ciùird càrn-cuimhne air a son ann an Glaschu.[10][11] Bha Spàinntis aice.[12]

Dolores Ibárruri
Member of the Cortes republicanas (en) Translate

26 dhen Ghearran 1936 - 2 dhen Ghearran 1939
Sgìre: Oviedo (en) Translate
Prìomh-rùnaire Pàrtaidh Comannach na Spàinne

20 dhen Mhàrt 1942 - 3 dhen Iuchar 1960
José Díaz (en) Translate - Santiago Carrillo (en) Translate
ball Còmhdhail Tagraichean na Spàinne

7 dhen Iuchar 1977 - 2 dhen Fhaoilleach 1979
Sgìre: Asturias (en) Translate
Taghadh: 1977 Spanish general election (en) Translate
Beatha
Ainm slànMaría de los Dolores Ibárruri y Gómez
BreithGallarta, 9 dhen Dùbhlachd 1895
Dùthaich Dùthaich nam Basgach
BàsHospital Universitario Ramón y Cajal (en) Translate, 12 dhen t-Samhain 1989
Àite-adhlacaidhCladh Catharra Mhadrid
Cladh Catharra Mhadrid
Nàdar a’ bhàis (am fiabhras-clèibhe)
Teaghlach
CèileJulián Ruiz Gabiña (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlamnormal school (en) Translate
Àrd-fhoghlamdotair nan saidheansan
CànainSpàinntis
Dreuchd
Dreuchdneach-poileataigs, neach-naidheachd agus neach-iomairt
Àitichean-obrachMadrid
Duaisean a fhuaras
Far-ainmeanLa Pasionaria
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeachPàrtaidh Comannach na Spàinne
IMDbnm0406459

Dealbhan

Ri leughadh

  • Dolores Ibarruri (1976). El único camino. Moscú: Progreso. Reedición Editorial Castalia.ISBN 84-703-9661-7.
  • Rafael Cruz (1999). Pasionaria, Dolores Ibarruri, historia y símbolo. Madrid: Biblioteca Nueva. ISBN 84-703-0741-X.
  • Dolores Ibarruri (1985). Memorias. Barcelona: Planeta. ISBN 84-703-0741-X.
  • Teresa Pamiés (1976). Una española llamada Dolores Ibarruri. Barcelona: Martínez Roca.
  • Manuel Vázquez Montalbán (1995). Pasionaria y los siete enanitos. Barcelona: Planeta.

Iomraidhean