Diùcachd Sagsainn-Weimar-Eisenach

B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1809 gu ruige 1918 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Weimar-Eisenach (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Weimar-Eisenach).[1] B’ e Weimar a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha[2] agus b' e an Teaghlach uasal Wettin a bha os a cionn.[3] Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1809, nuair a ghabh Sagsainn-Weimar os làimh (Gearmailtis: Mediatisierung) Diùcachd Sagsainn-Eisenach. Bha Napoleon Bonaparte a' feuchainn ri atharrachaidhean mòra a dhèanamh air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[4] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Bha Sagsainn-Weimar-Eisenach na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1809, a' cur a chuid shaighdear gu feachdan a' cho-chaidreachais, a-measg na 2,000 a dh' iarr Napoleon air na stàitean ann an Sagsainn air fad. B' e rud doirbh dhan stàit a bha seo. Chaidh an Diùcachd àrdachadh gu Àrd-dhiùcachd ann an 1815.[5] Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Sagsainn-Weimar-Eisenach agus leig an t-Àrd-dhiùc Wilhelm Ernst dheth an crùn. Chaidh poblachd, a bhuineadh dhan Phoblachd Weimar fhèin, a stèidheachadh na h-àite.[6]

Diùcachd Sagsainn-Weimar-Eisenach
Herzogtum Sachsen-Weimar-Eisenach
 18091918 
Bratach na dùthchaGearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1809
Bliadhna mu Dheireadh 1918
Prìomh-BhaileWeimar
Càna(i)n OifigeilGearmailtis
Farsaingeachd3,617 km2
Àireamh-shluaigh388,000 (1905)
Dlùths107.27/km2

Ceannardan

  • Karl August: 1809 – 1815 (na dhiùc) agus 1815 - 1828 (na àrd-dhiùc)
  • Karl Friedrich: 1828 - 1853
  • Karl Alexander: 1853 - 1903
  • Wilhelm Ernst: 1901 - 1918

Bailtean

BaileÀireamh-sluaigh
1.12.1840
Weimar11.444
Eisenach9.377
Jena5.949
Neustadt an der Orla4.154
Apolda4.128
Weida3.756
Ilmenau2.721
Allstedt2.507
Ostheim vor der Rhön2.497
Stadtlengsfeld2.239
Vacha2.239
Buttstädt2.164
Creuzburg2.103
BaileÀireamh-sluaigh
1.12.1910
Atharrachadh
bho 1840
Jena38.487+ 547 %
Eisenach38.362+ 309 %
Weimar34.582+ 202 %
Apolda22.610+ 448 %
Ilmenau12.202+ 348 %
Weida9.036+ 141 %
Neustadt an der Orla7.095+ 71 %
Allstedt3.353+ 34 %
Buttstädt2.843+ 32 %
Ostheim vor der Rhön2.277– 9 %
Vacha2.2400 %
Creuzburg2.062– 2 %
Stadtlengsfeld1.593– 29 %

Iomraidhean