Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg

B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 16801826 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Gotha-Altenburg). B’ e Gotha a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1680 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme[1] (Gàidhlig: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.[2] B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh laghail ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.[3] Le sin, bha roinneadh nan oighreachdan sin gu math connspaideach agus mhair an deasbad mun chùis iomadh bliadhna. Fhuair Ernst, na sgìrean mu timcheall Gotha agus Altenburg, an oighreachd na bu mhò. Bha Sagsainn-Gotha-Altenburg na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 gu ruige 1813,[4] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[5] Chuir Sagsainn-Gotha-Altenburg agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 saighdearan uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[6] Chaidh siostam na Diùcachd atharrachadh mòran ann an 1825,[7] an dèidh bàs an Diùc Friedrich IV gun chlann.[8] a' roinneadh na Diùcachd eadar Sagsainn-Meiningen agus Sagsainn-Hildburghausen a bha air an leasachadh agus Diùcachd Sagsainn-Altenburg a chaidh a stèidheachadh.

Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg
Herzogtum Sachsen-Gotha-Altenburg
 16801826 
Bratach na dùthchaGearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1680
Bliadhna mu Dheireadh 1826
Prìomh-BhaileGotha
Càna(i)n OifigeilGearmailtis

Ceannardan na Stàite

  • Ernst I. von Sachsen Gotha (16011675), 1640 – 1675
  • Friedrich I. (16461691), 1675 – 1691
  • Friedrich II. (16761732), 1691 – 1732
  • Friedrich III. (16991772), 1732 – 1772
  • Ernst II. Ludwig (17451804), 1772 – 1804
  • August (17721822), 1804 – 1822
  • Friedrich IV. (17741825), 1822 – 1825

Iomraidhean