Diùcachd Anhalt-Köthen

B’ e meanbh-dhùthaich ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1806 gu ruige 1853 a bh’ anns an Diùcachd Anhalt-Köthen (Gearmailtis: Herzogtum Anhalt-Köthen). Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1807 tro àrdachadh Prionnsa Anhalt-Dessau gu Diùc.[1] Bha Anhalt-Köthen na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1807 gu ruige 1813,[2] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[3] Chuir Anhalt-Köthen dìreach 700 saighdearan do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[4] B’ e Köthen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh Anhalt-Köthen a chur ri Anhalt-Dessau ann an 1853, sia bliadhna an dèidh dhan Diùc Heinrich Askanier bàsachadh gun chlann.[5]

Diùcachd Anhalt-Köthen
Herzogtum Anhalt-Köthen
18061863
Bratach na dùthchaGearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1806
Bliadhna mu Dheireadh 1863
Prìomh-BhaileKöthen
Càna(i)n OifigeilGearmailtis

Ceannardan na Stàite

  • Augustus Christian Friedrich 1806 – 1812
  • Leopold III. àAnhalt-Dessau (tàinistear) 1812 - 1817
  • Leopold IV. à Anhalt-Dessau (tàinistear) 1817 - 1818
  • Louis Augustus Karl Friedrich Emil 1812 – 1818
  • Frederick Ferdinand 1818 - 1830
  • Heinrich 1830 – 1847

Iomraidhean