Comhairle na Gàidhealtachd

Airson an roinn traidiseanta faic: Gàidhealteachd

Comhairle na Gàidhealtachd

'S e a’ chomhairle as motha de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle na Gàidhealtachd. Tha an cuid as motha dhith suidhichte air tìr mhòr na h-Alba far an robh na siorrachdan traidiseanta Gallaibh, Cromba, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Siorrachd Rois Cataibh agus am pàirt san iar-thuath Earra-Ghàidheal. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuid de na h-Eileanan a-staigh cuideachd. Tha Comhairle Mhoireach, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain agus Earra-Ghaidheal agus Bòd timcheall oirre.

Rianachd na Comhairle

'S e Inbhir Nis prìomh-bhaile ionadail na chomhairle. Tha 80 ball air a' chomhairle.

Comhairlichean an dèidh dha na taghaidhean ionadail 2017:[1]

#UàrdComhairlichean
1Cataibh a Tuath, an Iar is MeadhanachNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
2Inbhir Theòrsa is Iar-thuath GhallaibhNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
3Inbhir Ùige is Gallaibh an EarNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
4Cataibh an Ear & EadardanPàrtaidh Làbarach na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (1)
5Ros an Iar, Srath Pheofhair is Loch AillseNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
6Caolas ChrombaighNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2)
7Baile Dhubhthaich is Ros an EarNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
8Inbhir Pheofharain & SìophortNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
9An t-Eilean DubhNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
10Eilean a' CheòNeo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
11An Caol is MalaigNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
12An t-Àird is Loch NisNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
13Inbhir Nis an IarNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
14Meadhan Inbhir NisNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1)
15Inbhir Nis Taobh NisPàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
16Inbhir Nis Allt a' MhuilinnPàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1)
17Cùil Lodair is Àird nan SaorNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
18Inbhir Narann is CaladarNeo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
19Inbhir Nis a DeasNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
20Bàideanach agus Srath SpèNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Uaine na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
21An Gearasdan is Àird nam MurchanNeo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)

Sluagh Roinn na Comhairle

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cho mòr ri 30.659 cileameatair cèarnagach agus bha 213.590 duine a’ fuireach an seo anns a’ bhliadhna 2005. Tha mu 12,000 luchd labhairt na Gàidhlig air fhagail anns an sgìre seo.

Buidseat

Buidseat bliadhnail (an duil 2007-2008) £518M. Luchd-obrach 10,800.Buidseat bliadhnail airson gach ceann sluaigh: £ 2409. Riochd Buidseat bliadhnail: Luchd-Obrach £48,000:1

Bailtean

Àitichean eile

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean