Clach-ghainmhich

Tha clach-ghainmhich na seann ruadh-chlach air a dèanamh de smùrach chreagan gainmheach. Tha e à clach-èite agus feldspar.

Clach-ghainmhich

Is ann bho fhuigheall na talmhainn, a chruadhaich fo chuideam tro na linntean, a tha sinn a' faighinn creagan dàrnach mar a tha seann ruadh-chlach-ghainmhich. Chaidh cuid mhòr de chlach-ghainmhich ann an Alba a cruthachadh anns an linn Deabhonianach.[1]

Ailtireachd

Cathair-eaglais chlach-ghainmhich ann am Baile na h-Eaglaise.

Tha bailtean leithid Peairt cha mhòr uile gu lèir air an togail le cloich-ghainmhich.[2] Tha an dà chuid togalaichean aosta agus togalaichean ùra am Baile Ùr Dhùn Èideann mar as trice air an togail leis an t-seòrsa cloiche seo.[3]Is ann à clach-ghainmhich a tha a' chathair-eaglais am Baile na h-Eaglaise, Arcaibh.

Iomraidhean

Faic cuideachd