Brian Ó hEadhra

seinneadair agus sgrìobhaiche Gàidhlig

'S e seinneadair Gàidhlig agus ceòladair a th' ann am Brian Ó hEadhara. Tha e a-nis a' cluich leis a' chòmhlan Cruinn, le Charlie McKerron agus Sandy Brechin sa chòmhlan MacKerron, Brechin & Ó hEadhra, agus mar chàraid le Fiona NicCoinnich.[1]  Tha e cuideachd ag obair ann an leasachadh ealain is cultar Gàidhlig is e an-dràsta na Oifigear Ealain is Cultar aig Bòrd na Gàidhlig.

Brian Ó hEadhra
Beatha
BreithBaile Àtha Cliath
Dùthaich Poblachd na h-Èireann
Àite-fuirichInbhir Nis
Teaghlach
CèileFionnag NicChoinnich (en) Translate
Foghlam
CànainGàidhlig
Beurla
Gaeilge
Dreuchd
Dreuchdseinneadair is sgrìobhaiche
BallrachdCruinn

Beatha

Rugadh Ó hEadhra ann am Baile Àtha Cliath.[2] 'S ann à St Catherine’s, Ontario a tha a mhàthair agus 's ann à Dùn na nGall, Éire, a tha athair.[2] Tha a phàrantan cuideachd nan ceòladairean.

Dh'imrich an teaghlach gu Talamh an Èisg ann an 1973 is e na bhalachan. An siud, chunnaic Ó hEadhra cultar nan Gàidheal gu dùthchasach, beò sa choimhearsnachd. Bha athar, Aidan, a' rannsachadh eachdraidh agus beul-aithris aig Oilthigh Memorial an St John’s.[2] Chruinnich Aidan beul-aithris Èireannach o Cape Shore a tha ri fhaotainn a-nis air-loidhne leis Taisce Cheol Dúchais Éireann. Thill an teaglach a Bhaile Àtha Cliath ann an 1978.[2]

Anns na 1990an, rinn e ceum ann an litreachas na Beurla agus beul-aithris Èireannach aig Colaiste Oilthigh Bhaile Àtha Cliath. Dh'ionnsaich e Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1999 far an do rinn e an Cùrsa Comais.[3]  

Tha e pòsta aig Fiona NicCoinnich.

Beatha-obrach

A bharrachd air obraichean co-cheangailte ri ciùil, tha Ó h Eadhra air obair eile a dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig. Nam measg, bha e na oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig; rinn e clasaichean Ùlpan agus trèanadh ann an Gàidhlig; agus seirbheisean eadar-theangachaidh mar aon (Gaidhlig gu Beurla).[3]

Ceòl

Bidh Brian a' seinn agus a' cluich giotàr. Bidh e a' sgrìobhadh amhrain ann am Beurla, Gaeilge agus Gaidhlig.

Chuir e air bhonn an còmhlan Anam tràth sna 1990an nuair a bha e na oileanach. Rinn iad ceithir clàran còmhla gus an do sguir iad ann an 2005.[3]

Le Cruinn, fhuair e nomination airson Best Traditional Track aig an BBC Radio 2 Folk Awards an 2015 airson an òrain 'Manus Mo Rùin'.

Ann an 2018, rinn Ó hEadhra clàr le Fiona NicCoinnich mar chàraid airson a' chiad turais. Rinn iad clàradh ann an Leòdhas is Glaschu.

Obair le ceòl

Bha Ó hEadhra roimhe na Stiùiriche Ealain aig an fhèis 'Blas'.[3] Bha e na mhanaidsear aig ionad ealain Taigh Dhonnchaidh, Nis, Leòdhas.[3]  Tha e a-nis na co-stiùiriche aig an fhèis Geiteberg Folk Festival ann an Nirribhidh.  Bidh an fhèis a' comhrachadh cultar is ceòl bho na dùthchanan Lochlannach is Ceilteach.[3]  

Clàran

le Anam

  • 1994 - Anam
  • 1998 - First Footing
  • 1999 - Riptide
  • 2000 - Tine Gheal

le Christine Primrose

  • 2003 - An Turas

na aonar

  • 2005 - Life
  • 2011 - An t-Allt

le MacGregor, Brechin & Ó hEadhra

  • 2008 - Sonas

le Cruinn

  • 2013 - Cruinn
  • 2014 - Stòras

le Fiona NicCoinnich

  • 2018 - TÌR - Highland Life & Lore

le iomadh ceòladair

  • 2007 - Dhachaigh | Home - The Murdo Macfarlane Songbook
  • 2010 - The Complete Songs of Robert Tannahill - Vol 2
  • 2013 - The Complete Songs of Robert Tannahill - Vol 3
  • 2014 - Struileag - Children of the Smoke

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh