Bheastraigh

'S e eilean ann an Arcaibh a tha ann am Bheastraigh[1] neo Ueastraigh[2] (Beurla: Westray; Lochlannais: vestr-øy[3], "eilean an iar"). Tha Bheastraigh cho mòr ri 47 km² agus mar sin 's e sin an siathamh eilean as motha anns na h-eileanan Arcaibh.

Bheastraigh
Eilean
Pàirt deArcaibh Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailArcaibh Deasaich
Siorrachd eachdraidheilArcaibh Deasaich
Faisg air an uisgeCuan Siar Deasaich
Suidheachadh cruinn-eòlaisAn Cuan a Tuath Deasaich
Domhan-leud is -fhad59°18′0″N 3°0′0″W Deasaich
Map
Sealladh air taobh an ear Bheastraigh

Cruth na tìre

Tha seann chlach-ghainmhich dearg cumanta ann am Bheastraigh a tha còmhdaichte le ùir torraich. Tha talamh bochd le mòine gann air an eilean[3] 'S e Fitty Hill (169m; 554 troigh) a' bheinn as àirde ann am Bheastraigh, suidhichte ann an taobh an iar an eilean.[4] nas fhaide chun an iar-thuath, eadar Noup Head is Pierowall chithear North Hill (104m) agus Couters Hill (108m). Tha cruth na tire ann an iar is an iar-dheas Bheastraigh rèidh.

Eaconamaidh

Ann an 2011 bha 588 duine a' fuireach an seo.[5] 'S e Pierowall am baile as motha ann am Bheastraigh. 'S e iasgach, tuathanas-èisg, crodh na gnìomhairean as cudromaiche airson muinntir an eilean. Gheibhear teachd a-steach a bharrachd le turasachd.

Tha crann-gaoithe anns an eilean agus tha e a' maoineachadh an Urrais Leasachaidh Bheastraigh.[6] Chuireadh an t-Urras air bhonn ann an 1998.

Eile

A' Bheineas Archaibh, no A' Chailleach Bheastraigh.

Ann an 2009 lorgadh dealbh nuadh-chreagach à clach-ghainmhich ann am Bheastraigh. Dh'ainmicheadh e The Westray Wife, no "A' Chailleach Bheastraigh."

Tha plèanaichean le motaran dealanach air a bhith ag iteal eadar Bheastraigh agus Papa Westray.[7]

Àireamh-shluaigh

Tha an clàr a leanas a' sealltainn ciamar a dh'atharraich àireamh muinntir an eilein tro na linntean.[3]

BliadhnaÀireamh-shluaigh
18411791
18812200
18912108
19111668
19311269
1961872
1981701
1991704
2001563

Iomraidhean