Archibald Geikie

B' e creag-eòlaiche Albannach a bha ann an Sir Archibald Geikie.

Archibald Geikie
1. Regius Professor of Geology (en) Translate

1871 - 1882 - James Geikie (en) Translate
Ceann-suidhe Comann Geòlas Lunnainn

1890 - 1892
William Thomas Blanford (en) Translate - Wilfred Hudleston Hudleston (en) Translate
Ceann-suidhe Comann Geòlas Lunnainn

1906 - 1908
John Edward Marr (en) Translate - William Johnson Sollas (en) Translate
40. President of the Royal Society (en) Translate

1908 - 1913
Lord Rayleigh - William Crookes (en) Translate
Beatha
BreithDùn Èideann, 28 dhen Dùbhlachd 1835
Dùthaich Alba
BàsHaslemere, 10 dhen t-Samhain 1924
Àite-adhlacaidhSt. Bartholomew's Churchyard (en) Translate
Haslemere
Teaghlach
AthairJames Stuart Geikie
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
FoghlamOilthigh Dhùn Èideann
An Àrd-sgoil Rìoghail
CànainBeurla
Dreuchd
Dreuchdcairt-iùiliche, neach-teagaisg oilthigh, beatha-eachdraiche, volcanologist (en) Translate, geòlaiche, sgrìobhadair agus eachdraiche
FastaicheanBritish Geological Survey (en) Translate  (1855 -  1871)
Oilthigh Dhùn Èideann  (1871 -  1882)
British Geological Survey (en) Translate  (1882 -  1901)
Duaisean a fhuaras
BallrachdAn Comann Rìoghail
Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh nan Saidheansan ann an Göttingen
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Acadamh nan Lincei
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Acadamh Nàiseanta nan Saidheans
Accademia delle Scienze di Torino

A bheatha

Rugadh e san 28mh den Dùbhlachd 1835 ann an Dùn Èideann mar mhac a bu shine de James Stuart Geikie. Fhuair Geikie a chuid foghlaim ann an Oilthigh Dhùn Èideann. An uair sin thòisich e a bhith ag obair airson na Suirbhidh Geòlasaich fo stiùireadh Roderick Murchison. An dèidh greis dh'fhàs iad càirdeas ri chèile. Rinn an dithis rannsachadh air siosta air a' Ghàidhealtachd agus chruthaich iad mapa beag geòlasach na h-Alba a chaidh fhoillseachadh ann an 1862. Ann an 1875, an dèidh bàs Mhurchison, sgrìobh Geikie leabhar eachdraidh beatha Roderick Murchison[1]. Ann an 1892 dh’fhoillsich e mapa na h-Alba na bu mhotha agus ann an 1897 agus mapa geòlasach na Cuimrigh is Sasainn cuideachd. Chaidh an aiste chudromach aig Geikie"On the Phenomena of the Glacial Drift of Scotland" fhoillseachadh ann an 1883 far an thug e seachad dealbh mionaideach mu èifeachdan sònraichte na deighe an seo.

Charles Doolittle Walcott, John Wesley Powell, agus Sàr Archibald Geikie air cuairt gheòlasach ann an Harpers Ferry, Virginia an Iar 1897

Bho thoiseach na h-obrach aige, nuair a rinn e rannsachadh air an Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar dh'fhàs ùidh aige ann an clach-eòlas nam beanntan–teine. Rinn e tursan thall thairis cuideachd, mar eisimpleir do Wyoming, Montana agus Utah far an d' fhuair e barrachd a-mach mun chuspair seo. Sgrìobh e sìos na toraidhean mun rannsachadh a bharrachd a rinn e anns an aiste aige"The History of Volcanic Action during the Tertiary Period in the British Isles" (1888) agus anns an leabhar "The Ancient Volcanoes of Great Britain" (1897). A bharrachd air sin rinn e rannsachadh air deigh-dhrioftaidh agus bleith-thalmhainn.

Eadar 1871 agus 1882 bha e na ollamh airson clach-eòlas ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus bho 1882 a-mach bha e na stiùiriche den Museum of Practical Geology ann an Lunnainn agus na àrd-stiùiriche de Shuirbhidh Gheòlasaich na Rìoghachd Aonaichte gus an do leig e a dhreuchd deth anns a' Ghearran 1901.

Foillseachaidhean

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach