Alonso de Ercilla y Zúñiga

B' e bàrd, sgrìobhadair agus ceannsaiche às an Spàinn on Aois an Òir a bh'ann an Alonso de Ercilla y Zúñiga (IPA: aˈlonso ðe eɾˈθiʝa). Rugadh e ann am Madrid Castilla) air an 7 an Lùnastal, 1533 agus chaochail e ann an Ocaña air 29 an t-Samhain, 1594. Thogadh e ann am Madrid.

Alonso de Ercilla y Zúñiga
Beatha
BreithMadrid, 7 dhen Lùnastal 1533
Dùthaich An Spàinn
BàsMadrid, 29 dhen t-Samhain 1594
Foghlam
CànainSpàinntis
Dreuchd
Dreuchdtaisgealaiche, bàrd agus sgrìobhadair
Gnè ealainbàrdachd
bàrdachd-aithris

Bàs

An dèidh bhliadhaichean thall anns a' Phearu, thill Ercilla dhan Spàinn ann an 1562, far a dh'fhoillsich e La Araucana ann an 1569, air a choisrigeadh dhan Rìgh. Chaidh ainmeachadh na thighearna ann an Uclés. Ann an 1570 phòs e aig María de Bazán agus chaidh iad a dh'fhuireachd ann am Madrid, far a chuir e crìoch air dàrna pàirt an leabhair ann an 1578 agus an treas pàirt ann an 1589. Chleachd Ercilla am facal araucano mar ainmear, on fhacal rauko (Gàidhlig: fearrann criadhach) ann am mapudungun. Chaochail e ann an Ocaña nuair a bha e 61 bliadhna a dh'aois ann an 1594 agus chaidh adhlacadh san taigh-cràbhaidh an Naoimh Eòsaiph ann an Ocaña, faisg air Toledo.

Obraichean

Iomraidhean